Gairm airson Phàipearan

Tachartais Bhliadhnail 2025

17-18mh là den Òg-mhìos 2025

Oilthigh Ghlaschu & Air-lodhne

Tha Comann nan Daonnachdan Didsiteach eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn ro-thoilichte a ràdh gu bheilear a-nis a’ gairm air taghraidhean airson ar Tachartais Bhliadhnail 2025, a tha gu bhith air a chumail aig Oilthigh Ghlaschu eadar 17-18mh là den Òg-mhìos le cuid de sheiseanan taghta air an craoladh gu beò air-lodhne. Is e teama tachartas na bliadhna Co-obrachadh thar Chrìoch.

Fiosrachadh cudromach:

  • Cothrom mu dheireadh air geàrr-chuntas a chur a-steach: 15mh là den Fhaoilleach 2025
  • Fios air ais: 7mh là den Mhàirt 2025
  • Làithean a’ Cho-labhairt: 17-18mh là den Òg-mhìos 2025
  • Àite: Oilthigh Ghlaschu, Glaschu, RA.

Tha na deich bliadhna mu dheireadh air obair a dh’ionnsaigh obair le chèile thar nan ealain is nan daonnachdan fhaicinn, le àireamh mhòr de phròiseactan digiteach mòra ag obair air rannsachadh a tha a’ sìor-fhàs nas adhartaiche. Tha na co-obraichean seo air cothroman brosnachail ùra fhosglandh do luchd-rannsachaidh agus luchd-cleachdaidh, a’ toirt còmhla “coimhearsnachdan cleachdaidh” gus modhanan-eòlais, goireasan agus fiosrachadh ùr a stèidheachadh. Tha oilthighean agus buidhnean-dùthchais air maoin a chur a-steach gu ionadan no àiteannan a bhrosnaicheas dòighean-obrach co-obrachail, a’ gabhail a-steach Ionad an Rannsachaidh Adhartaich aig Oilthigh Ghlaschu far an tèid an Tachartas Bliadhnail a chumail ann am 2025.

Aig an aon àm, tha am beum mòr seo air co-obrachadh le chèile air ceistean leantaileach airson na raoine, a’ gabhail a-steach mar a tha creideas air a roinn am broinn sgiobaidhean, dè na culaidhean dreuchdail iomachaidh airson an luchd-obrach air fad a tha ag obair air pròiseactan, mar a tha an raoin fhathast gu h-ìre mhòr an eisimeil air cùmhnantan fad ùine stèidhichte, agus duiligheadasan  conaltraidh eadar na raointean. Mar a tha buidhnean a’ dèiligeadh ri leasachadh AI, tha ceistean mu dheidhinn co-obrachadh le gnìomhaichean nach buin do mhac an duine air tighinn am bàrr. Nuair a bhruidhinneas sinn air co-obrachadh, ma-thà, cò na guthan a chluinnear agus cò a thèid fhàgail a-mach?

Bheir tachartas na bliadhna cuireadh do dhaoine meòrachadh air an tèama Co-obrachadh, agus beachdachadh air mar a thuigeas sinn an tèama cudromach a tha seo don Chomunn. Brosnachaidh sinn tabhartasan a labhras air cleachdaidhean a bheir còmhla goireas, sgilean agus daoine aig a bheil ùidh anns na daonnachdan didsiteach thar chrìochan raoineil. Is e ar n-amas a bhith a’ brosnachadh chòmhraidhean eadar na raointean a stèidhicheas tuigse farsaing air modhannan, cleachdaidhean agus teicneòlasan didsiteach agus a bheir cothroman-meòrachaidh air dòighean-obrach co-obrachail air dùthchas agus rannsachaidh is cleachdadh nan ealain is nan daonnachdan.

Tha an Comann ag obar air a bhith a’ stèidheachadh dòigh-obrach air co-obrachaidh a chuireas taic ri com-pàirteachasan, lìonraidhean agus cleachdadh cruthachal thar nan daonnachan, raoin an dùthchais, agus gnìomhasan cultaral agus cruthachail. Brosnachaidh sinn, mar sin, gu h-àraid tabhartasan a bheachdaicheas air co-obrachadh thar chrìochan nan raoin – far a bheil einnsinearan bathair-bhog rannsachaidh, luchd-saidheans nan coimputair is an dàta, luchd-obrach an dùthchais, dealbhaichean, luchd-ealain augs cleachdaidhean eile nam pàirt dheatamach den sgioba-rannsachaidh. Cuiridh sinn fàilte ro thabhartas a mheòraicheas air modhanan co-obrachaidh agus toraidhean torrach. Aig an aon àm, bu mhath leinn tabhartasan a bheachdaicheas gu h-àraid air an dà chuid na duiligheadasan agus na cothroman a tha an lùib co-obrachadh thar chrìochan nan raoin anns na daonnachdan didsiteach, leithid a thaobh chànan, dùil ri toradh agus cultaran-obrach.

Cuiridh sinn fàilte ron a h-uile a chleachdas modhanan-obrach agus ro-innleachdan didsiteach anns na h-ealain, na daonnachdan, raoin an dùthchais, agus gnìomhasan cruthachail agus cultaral gus tabhartas a chur a-steach. Cuiridh sinn fàilte gu h-àraid ro oileanaich agus luchd-rannsachaidh is proifeasantaich a tha tràth anns na dreuchdan aca.

A thuilleadh air tabhartasan anns na cruthan a thèid a mhìneachadh gu h-ìosal, brosnachaidh sinn cuideachd tabhartasan a ghabhas ri dòigh chruthachal-bhreitheach air neo nach fiot a-steach gu formatan co-labhairt “tradiseanta”. Tha seo a’ gabhail a-steach tabhartasan a chuireas “fìorachd leudaichte” (XR), “fìorachd bhiortail” no “fìorachd mheudaichte” (VR/AR) gu feum.

Bheir an tachartas seo cuideachd an cothrom do luchd-rannsachaidh, proifeasantaich, luchd-cleachdaidh agus oileanaich bhon Rìoghachd Aonaichte agus à Èirinn gus bannan a tha ann mar-thà a dhaigneachadh agus slighean ùra co-obrachaidh a chruthachadh. Bidh an cothrom aig luchd-frithealaidh an tachartais faighinn an sàs leis na Buidhnean Coimhearsnachd.

Tha an Comann am beachd cuid de bhursaraidhean a thoirt a-mach do dhaoine gus taic a chur ri làthaireachd chorporra aig an Tachartas Bhliadhnail. Is ann gus taic a chur ri so-ruigsinneachd an tachartais dhan fheadhainn sin aig nach biodh dòigh eile gus a bhith an làthair, le cothrom a bharrachd aig an fheadhainn a bhios a’ taisbeanadh rudeigin aig an tachartas. Bidh àiteachan-fuirich aig prìs reusanta cuideachd ri fhaighinn do luchd-tadhail. Thèid tuilleadh fiosrachaidh a chur a-mach air làrach-lìn a’ Chomainn.

Bidh am prògram air a ghairm agus fosglaidh clàradh an dà chuid do luchd-fritheilidh corporra agus air-loidhne.

Cànan

Cuiridh sinn fàilte ro bheachdan a thaobh òraidean, panailean, postairean, diorrasan, agus cruthan eile an dà chuid anns a’ Bheurla agus ann an Gàidhlig na h-Alba.

Cruthan

Airson an Tachartais Bhliadhnail, cuiridh sinn fàilte ro cheithir diofar sheòrsachan de bheachdan: òraidean, panailean no seiseanan co-inbheach (“roundtable”), postairean no taisbeantasan, agus diorrasan no piodsaichean. Cuiridh sinn cuideachd fàilte ro bheachdan a thaobh sheiseanan nach fiot a-steach gu snog ann an cruth tradaiseanta. Dèanaibh cinnteach gun nochd sibh dhuinn cò an cruth fon bheil am beachd agaibhse a’ dol. Bu chòir gum freagair beachdan air na h-àireamhan de dh’fhaclan gu h-ìosail agus gum bi iad air an cur a-steach ann an cruth PDF tro EasyChair. Tha iomraidhean agus/no clàr-leabhraichean air am fàgail a-mach à àireamh nam faclan.

  • Òraidean (200-300 facal)
    • Is e a th’ ann an òraid ach taisbeanaidhean tradaiseanta, gu tric a’ cleachdadh shlaighdean, a mhaireas fad 20 mion.
    • Bidh na beachdan air an cur ann am buidhnean còmhla ri feadhainn a bharrachd air cuspairean no teamannan a tha coltach gus seisean slàn a dhèanamh. Bidh ùine air a cur dhan dàrna taobh aig deireadh gach seisein airson ceistean agus còmhradh. 
  • Panailean no seiseanan co-inbheach (300-500 facal, le 150 facal a bharrachd airson gach taisbeanaidh)
    • Cuiridh sinn fàilte ro phanailean le 3-4 taisbeanaidhean air neo còmhraidhean co-inbheach far am bruidhinn dream beag de luchd-panail air cuspair àraid.Bu chòir gum mair an dà chuid panailean agus seiseanan co-inbheach fad 75 mionaidean.
    • Bu chòir gum bi, am broinn a’ bheachd, 300-500 facal a bheir seachad mìneachadh air air cuspair an t-seisein, cho math ri 150 facal a mhìnicheas gach taisbeanadh. Ma tha sibh a’ moladh seisean co-inbheach, cuiribh le ur toil ann fiosrachadh goirid mu dheidhinn gach neach a ghabhas pàirt.
  • Postair/taisbeantas (200-300 facal)
    • Cuiridh sinn fàilte ro bheachdan a thaobh phostairean no thaisbeantasan. Dh’fhaodadh gun nochd iad seo ann an cruth postair clò-bhuailte tradaiseanta, postairean a tha ann an cruth didsiteach a-mhàin, taisbeantasan inneil didsitich, air neo taisbeantasan bathair-bhog. Seallaibh le ur toil dè an cruth anns am bi ur taisbeanadh fhad ‘s a chuireas sibh a-steach agus nam bu mhath leibh ionntragadh goirid – mionaid no dhà de dh’fhaid – aig fìor-thòiseachd an t-seisein phostair/thaisbeantais.
    • Mas e ur beachd taisbeantas inneil no taisbeantas bathair-bhog, cuiribh le ur toil a-steach mìon-fhiosrachadh air na nithean teignigeach a bhios a dhìth oirbh. Bidh corra chomputair mòra (“desktops”) – is coltach gur e seo PCan, le ceangal dhan eadar-lìn – ri làimh airson cleachdadh anns an àite, ach bidh dùil ann gum faigh an luchd-compàirteachais gach nì eile a bhios a dhìth orra airson an taisbeantais a tha iad an dùil a chur air dòigh.
    • Ma tha sibh a’ moladh taisbeantas a ghabhas a-steach seataichean-cinn ‘fìorachd bhiortail’ (VR) no leithid de theicneòlas a dh’fheumas rùm gu leòr air an làr, cuiribh le ur toil a-steach mìon-fhiosrachadh air an uiread de rùm a tha a dhìth oirbh. Tha sinn an dòchas Lab ARC-XR Oilthigh Ghlaschu a chleachdadh airson taisbeantasan VR agus chuireamaid mar sin fàilte ro bheachdan a chuireadh an t-àite seo gu feum. 
  • Diorrasan agus Piodsaichean (200-300 facal)
    • Is e a th’ ann am ‘piodsaichean’ ach cothrom gus beachd air pròiseact air a bheil sibh ag obair a cho-roinn. A bheil sibh air thoir ais-mholaidh mus cuir sibh aplagaid a-steach? Am bu mhath leibh co-obraichean pròiseict a lorg?
    • Is e a th’ ann an ‘diorrasan’ ach cothrom gus còmhradh ùr a chur gu dol no beachd ùr fheuchainn a-mach.
    • Bu chòir gun nochd beachdan an e piods no diorras a tha seo. Bidh còig mionaidean aig gach neach gus taisbeanadh a dhèanamh. Bidh ùine ann airson ceistean agus còmhradh aig deireadh an t-seisein.
  • Seisean eile (chan fhaod a bhith nas fhaide na 750 facal)
    • A bheil beachd agaibh a thaobh seisein nach fiot a-steach gu cruth sam bith eile? Bu mhath leinn a chluinntinn mu dheidhinn!
    • Bu chòir gum mìnich am beachd cruth an t-seisein, na bhios na lùib, agus feumalachdan teicneòlach no logastach. Cha bu chòir gum mair an seisean nas fhaide na 90 mionaid. Ma tha ceist agaibh a thaobh na ghabhadh a dhèanamh, na bithibh leisg fios a chur gu uk-ie.digitalhumanities@sas.ac.uk.

Bidh beachdan air an sgrùdadh le buill comataidh a’ phrògraim. Bidh proiseas nan lèimheasan sheisean dall dà thuras (‘double blind’), is mar sinn bu mhath leinn nach nochd ainm sam bith anns na PDFan a tha air an cur a-steach. Chan eil mura-bith ann ach beachdan a thaobh seiseanan co-inbheach, far am bu chòir gun nochd ainmean an luchd-chompàirteachais.

Làthaireachd Bhiortail

Bidh an co-labhairt seo na thachartas corporra anns a’ chiad àite. A dh’aindeoin sin, aithnichidh sinn cho cudromach agus a tha làthaireachd aig astar gus taic a chur ri so-ruigsinneachd agus mar sin tha dùil againn prìomh-phàirt a’ phrògraim a chraoladh beò is iad faicsinneach do luchd-frithealaidh air-loidhne. Nì sinn ar dìcheall a dhèanamh cinnteach gum faigh an dà chuid luchd-frithealaidh corporra agus air-loidhne eòlas feumail agus luachmhor. B’ fheudar nach tèid againn air seiseanan a bhriseas a-mach, coinneamhan-obrach, air no cuid eile den tachartas leithid seiseanan postair/taisbeantais a chraoladh beò. Ma tha ceistean àraid agaibh a thaobh so-ruigsinneachd agsu gabhaltachd, na bithibh leisg faighinn ann an conaltradh le Comataidh a’ phrògraim aig uk-ie.digitalhumanities@sas.ac.uk.

Ma thèid gabhail ri ur beachd airson a bhith air a thoirt a-steach dhan cho-labhairt, ach mura tèid agaibh fhèin air tighinn a Ghlaschu, bitheamaid ro-thoilichte bruidhinn air mar a dh’fhaodadh taisbeanadh bhiortail a ghabhail àite a rèir gach cùis fa-leth. Bidh àite anns a’ phortal cur a-steach gus nochdadh a bheil thu air chomas a bhith an làthair gu corporra. Ma tha ceist sam bith oirbh, na biodh dàil oirbh bruidhinn ri Comataidh a’ phrògraim aig uk-ie.digitalhumanities@sas.ac.uk.

Mion-fhiosrachadh

Cur a-steach beachd:

Ceann-là: 15mh là den Fhaoilleach, 2025

Fios air ais: 7mh Màirt 2025

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh le ur toil post-d gu uk-ie.digitalhumanities@sas.ac.uk.